Seo an dàrna eapasod de na ceithir pod-chraolaidhean ùr a tha a’ tighinn a-mach thar na seachdainean a tha romhainn, far am bi Deirdre Ghreumach a' còmhradh le cuid de ar com-pàirtichean agus ar Oifigear Leasachaidh. 🎧🎙️
Tron sreath seo, bidh Deirdre a' còmhradh ri com-pàirtichean Fuaran mu na h-òrain, an ceòl, an seanchas, agus an eachdraidh ionadail a lorg iad tron rannsachadh aca. Cluinnear mar a tha Fuaran a' cuideachadh dhaoine òga gus ceangal ùr a dhèanamh ris an dualchas aca agus mar a tha iad fhèin ga chumail beò airson an ath ghinealach. 💛
An-diugh, tha Deirdre a' bruidhinn ri Eilidh Chandler. 'S ann às an Eilean Dubh a tha Eilidh ged a chaidh a togail ann an Dùn Èideann, agus tha i a-nis a' sgrùdadh na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu. Bho aois gu math òg, fhuair i bogadh ann an cultar, ceòl is cànan na Gàidhlig, rud a tha aig cridhe a beatha. 🎼 Tron chùrsa aice, gu h-àiridh anns a chlas seinn sa Ghàidhlig, tha i air rannsachadh domhain a dhèanamh air traidisean seinn nan Gàidheal agus i an dùil an treachdas aice a sgrìobhadh air an aon chuspair an ath bhliadhna.
Tha i cuideachd air rannsachadh a dhèanamh gus òrain a thaghadh airson a Mhòd Nàiseanta Rìoghail le fòcas air ceòl a tha dlùth-cheangailte ri sgìrean chudromach dhith fhèin, agus seinneadaran a thug brosnachadh dhith air a slighe. 🎤
Cùm sùil a-mach! 👀 Tha an ath phod-chraolaidh a' tighinn a dh'aithghearr!⏳
Le taic bho Mhaoin Dualchais a’ Chrannchur Nàiseanta, agus le taing dhaibhsan a tha a’ cluiche a’ Chrannchuir Nàiseanta. Thanks to The National Lottery Heritage Fund, and to National Lottery players.